Fàilte!
Tha Horo Gheallaidh a’ toirt thugaibh ceòl ann an dòigh nach cualas a-riamh le measgachadh de ghuthan, stoidhlichean agus ionnstramaidean bho air feadh an t-saoghail,. Èist ri taghadh de luchd-ciùil a’ toirt blas sònraichte de na h-òrain agus na fuinn ann an taigh-cluiche an Tron ann an Glaschu.
Tha measgachadh math den cheòl a ’s fheàrr ri chluinntinn air Horo Gheallaidh le stoidhlichean bluegrass, folk, Celtic agus ceòl cruinne. Suidhe air ais agus thigibh air turas à Breatainn tron Ear Mheadhanach, Afraga a Tuath, Ameireagaidh agus Lochlann ’s sibh ag èisteachd ri luchd-ciùil a’ riochdachadh an dualchais.
’S e cothrom sònraichte a tha seo a bhith a’ faicinn luchd-ciùil air leth a’ dèanamh na h-òrain aca fhèin beò air an t-sòfa againn fhìn ann an dòigh nach fhacas a-riamh.


Capercaille
’S e Capercaille aon de na còmhlain Ceilteach as fheàrr agus as ùra anns an t-saoghal. Tha iad a’ cluich le eòlas air a’ cheòl, bhon t-seinn àlainn aig Karen Nic Mhathain anns an dà chuid Gàidhlig agus Beurla gu fuinn bheothail a chuireadh gu ar casan sibh.
Seo agaibh port sònraichte airson làrach lìn Horo Gheallaidh a-mhàin!
-
Altan
Aon de na còmhlain a ’s fheàrr ann an Èirinn.
-
Old Blind Dogs
Ceòl traidiseanta na h-Alba le buaidh roc, reggae agus ceòl bhon Ear Mheadhanach.
-
Teddy Thompson
Neach-ciùil tàlantach a tha stèidhichte ann an New York a tha a’ cosnadh cliù dha fhèin mar sheinneadair agus sgrìobhaiche òrain.
-
Baaba Maal
Aon de rionnagan eadar-nàiseanta Afraga a tha air a h-uile càil fheuchainn bho còmhlain electric gu orcastra.
-
Punch Brothers
Ceòl ùr bluegrass agus folk bhon chòmhlan bheothail de chòignear a tha seo à Ameireagaidh.
-
Luka Bloom
Seinneadair agus sgrìobhaiche òrain folk roc à Èirinn, a th’ air a bhith air chuairt air feadh an t-saoghail.
-
Breabach
Còmhlan ùr a tha a’ toirt beothas agus farsaingeachd chun an àrd-ùrlair.
-
Beoga
Fuinn bheothail air an cluich le spionnadh agus beothas.
-
Russell's House
Bidh an còmhlan-ciùil seo à Dun Èideann a’ cluich ceòl a tha stèidhichte ann an Alba, ach tha buaidh mhòr aig ceòl cruinne orra.
-
Le Vent Du Nord
Ceòl traidiseanta à Quebec bhon chòmhlan Frangach Canèideanach le buaidh à Èirinn agus Brittany.
