
’S e Altan aon de na còmhlain as ainmeil ann an ceòl traidiseanta agus ’s iad fhathast an fheadhainn as soirbheachail a thaobh òrain traidiseanta na Gàidhlig agus fidhlearachd Dun nan Gall. Tha Altan air togail a thoirt do luchd-amhairc bho Dun nan Gall gu Tokyo gu Seattle le na tachartasan beothail, blàth agus iongantach aca. Na caill Altan a’ cluich fuinn mhìorbhailleach agus òrain traidiseanta Èireannach. Airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn tachartasan beò agus cinn-latha airson cuairtean, thoir sùil air làrach lìn Altan: www.altan.ie
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Seachdain luchd-sgrìobhaidh Listowel ann an County Kerry ann an 1984.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha e coltach ri bhith tighinn dhachaigh.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Jerry Douglas, luchd-ciùil a tha sinn a’ coinneachadh aig fèisean. Thug Dolly Parton dhuinn cuireadh a chluich air dà chlàr.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Julie Fowlis, Muireann NicAmhlaoibh, Beoga agus bhon bhaile againn fhìn, Dun nan Gall, Doiminic Mac Giolla Bhrìghde.