Rugadh agus thogadh Alyth NicCarmaig air Eilean Leòdhais. Bidh i a’ seinn ann an Gàidhlig agus tha i air a bhith air chuairt le iomadach còmhlan agus pròiseact anns a’ Ghearmailt, an Eadailt, An Spàinn, Estonia agus Ceann a Tuath Ameireagaidh.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Celts in Kent
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Bidh thu a’ coinneachadh ris a h-uile duine agus tha e dìreach coltach ri bhith a’ cluich aig an taigh.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Tha mi an sàs ann an iomadach pròiseact seinn ... Bidh mi ag obair còmhla ri Lewis Women agus Uxia as an Spàinn.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Moving Hearts. Tha clàr ùr aca a-muigh.