
Tha Antje Duvekot air ainm a dhèanamh dhi fhèin mar aon de na seinneadairean agus sgrìobhaichean òrain as fheàrr ann an Ameireagaidh leis a’ chlàr aice “Big Dream Boulevard”, a chaidh a riochdachadh le Seumas Egan, am fear a stèidhich Solas an còmhlan Èireannach. Èist ri feadhainn de na h-òrain aice fhèin air www.antjeduvekot.com no air an duilleag myspace aice www.myspace.com/antjeduvekot.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Cuirm-ciùil aig fèis folk New Jersey.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Seo a’ chiad uair agam ann an Alba. Saoilidh mi gu bheil Glaschu mòr mar Lunnainn agus tha fadachd orm cluich an seo.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Solas. ’S e Seumas Egan a riochdaich an clàr agam. Bidh mi a’ cluich leam fhìn a’ chuid as motha dhen ùine ged tà.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Aoife O’ Donovan agus Anais Mitchell