’S e seinneadair Sengalese a th’ ann am Baaba Maal a rugadh ann am Podor air Abhainn Senegal. ’S e rionnag eadar-nàiseanta ann an Afraga a th’ ann, a tha air a h-uile càil fheuchainn bho còmhlain electric gu orcastra, ach ’s e na cuirmean beò a tha a’ sealltainn na h-obrach aige. Carson nach èist sibh ri òran no dhà bhon chlàr as ùra aige, Baba Maal On the Road. Faigh a-mach mu dheidhinn na naidheachdan as ùra agus fiosrachadh mu cuirmean beò air an làrach lìn aige www.baabamaal.tv.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Senegal – Feis ealain Dakar.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Is caomh leam am baile, tha thu faireachdainn gur ann aig an taigh a tha thu.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Brian Eno agus Davy Spillane.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Cum sùil a-mach airson hip hop à Afraga.
