www.breabach.com
www.myspace.com/breabach
Tha Breabach a’ cosnadh cliù dhaibh pèin mar aon de na còmhlain a ’s fheàrr agus as ùra leis an stoidhle iongantach aca. Tha iad a’ toirt beothas agus farsaingeachd chun an àrd-ùrlair, a’ measgachadh a’ phìob, an duiseal, an fhidheal, òrain agus dannsa ceum na h-Alba. Tha an t-àm ri teachd a’ coimhead dòchasach airson luchd-buannachaidh duaisean Danny Kyle aig Celtic Connections.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Celtic Connections aig duaisean Danny Kyle – An Àrd Ùrlar Fosgailte.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha Glaschu faisg air an taigh agus tha tòrr ciùil anns a’ bhaile. Thoisich Breabach mar chòmhlan ann an Glaschu.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Bidh sinn a’ dèanamh rudan leinn fhìn agus mar chòmhlan. Bidh sinn ag obair còmhla ri Dannsa agus na Unusual Suspects.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Maeve NicFhionghain à Barraigh.