’S e Capercaille aon de na còmhlain Ceilteach as fheàrr agus as ùra anns an t-saoghal. Tha iad a’ cluich le eòlas air a’ cheòl, bhon t-seinn àlainn aig Karen Nic Mhathain anns an dà chuid Gàidhlig agus Beurla gu fuinn bheothail a chuireadh gu ar casan sibh.
Thuirt iris MOJO nach urrainn dhan luchd-ciùil a th’ ann an Capercaille an-dràsta a bhith na b’ fheàrr agus ’s iad a tha air thoiseach ann an saoghal a chiùil cheiltich, le leithid Mìcheal McGoldrick (duiseal), Charlie McKerron (fidheal) Karen NicMhathain (seinn) agus Dòmhnall Seathach air a’ bhocsa ciùil mar phàirt dhen chòmhlan.
Seo agaibh port sònraichte airson làrach lìn Horo Gheallaidh a-mhàin!