
Bhuannaich Catriona Watt neach-ciùil òg traidiseanta na bliadhna aig BBC Rèidio Alba ann an 2007. Tha Catriona air a bhith a’ cluich air feadh an t-saoghail a’ seinn leatha fhèin aig fèisean ann an Canada, Nirribhidh, an Danmhairc, a’ Ghearmailt agus Èirinn. Thug i a’ chiad chlàr aice a-mach bho chionn ghoirid.
www.myspace.com/catrionawattband
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Feis Cheilteach Innse Gall aig seachd bliadhna deug a dh’ aois.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Seo am bliadhna mu dheireadh agam. Tha na h-àiteachan far a bheil na cuirmean a’ tachairt mìorbhailleach agus tha faireachdainn mhath anns a’ bhaile. Tha ùidh mhòr aig an luchd-èisteachd.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Tha mi ann an còmhlan còmhla ri Fiona NicAsgaill, Lauren Tait agus Gillian Chalmers.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Kris Drever agus Box Club.
