
Tha Dirk Powell a tha ainmeil airson ceòl Appalachian air cliù a chosnadh dha fhèin mar aon den luchd-ciùil as talantaich den ghinealach aige. A’ cluich còmhla ri luchd-ciùil leithid Loretta Lynn, tha dòigh-cluich aig Dirk Powell a tha cruthachail, làn spionnadh agus a tha a’ suathadh air nòsan ùra, ach aig an aon àm stèidhichte anns an dualchas ionadail.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Galax Fiddlers Convention, Virginia ann an 1984 aig còig bliadhna deug a dh’ aois.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha na freumhaichean aig ceòl bluegrass ann an Alba. Tha na stoidhlichean coltach ri chèile agus tha an ceòl againn a’ còrdadh ri na daoine.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Rinn mi clàradh le Jack White.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Foghorn String Band. Redstick Ramblers.