’S ann à Sealltainn a tha Filska agus tha an ceòl aca stèidhichte air dualchas fidhlearachd nan eilean. ’S e cruinneachadh de cheòl a tha a’ gabhail a-steach tòrr fuinn a sgrìobh iad fhèin a th’ anns a’ chlàr mu dheireadh aca ‘Thousand Miles Away’. Tha Filska air a’ cheòl sònraichte aca a thoirt air feadh an t-saoghail, ’s iad air a bhith a’ cluich anns an Roinn Eòrpa, Canada agus Ameireagaidh.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Feis an Earraich ann an 92 no 94.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Celtic Connections, tha iomadach duine ann bho iomadach àite aig na cuirmean ciùil.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Cèilidhean neo-fhoirmeil, seiseanan ciùil le tòrr luchd-ciùil eadar-dhealaichte.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Ryan Cooper a tha seachd bliadhna deug a dh’ aois à Sealltainn