
’S e seinneadair, pìobaire agus sgrìobhaiche ciùil a th’ ann an Griogair Labhruidh a tha mar phàirt de dhualchas pìobaireachd Taobh Siar na Gàidhealtachd, a th’ air a bhith anns an teaghlach airson ginealaichean. Tha buaidh mhòr aig dualchas Gàidhlig Earra Ghaidheal air, ach tha ùidh mhòr aige ann am bàrdachd Uibhist a Deas. Tha e a’ faighinn moladh math airson a’ chlàr as ùra aige agus ’s e aon de na rionnagan ann an ceòl ùr Gàidhlig.
www.myspace.com/griogair.lawrie
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Feis Highlands & Islands anns an Òban.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Deagh chraic!
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Iain Dòmhnallach, Ailean Dòmhnallach, Sile Denvir agus Doiminic Mac Giolla Bhrìghde.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Liadan agus Doiminic Mac Giolla Bhrìghde
