
’S e John McCusker aon den luchd-ciùil as talantaiche ann an Alba. A’ cluich còmhla ri còmhlan a’ Bhattlefield airson aon bliadhna deug, chan e mhàin gur e neach-ciùil a th’ ann, ach tha cliù aige mar sgrìobhaiche ciùil agus riochdaire ciùil cuideachd. Bha John a’ toirt taic do Mark Knopfler air a’ chuairt aige air feadh an t-saoghail agus bidh e cuideachd a’ dol air chuairt còmhla ri Heidi Talbot agus Boo Hewerdine.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
A’ cluich còmhla ris am Battlefield Band aig Highland Circus.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Faodaidh mi a dhol dhachaigh air an oidhche agus chan fheum mi a bhith a’ bruidhinn ris a’ chòmhlan!!!
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Eddi Reader, Kris Drever, John Doyle agus Micheal McGoldrick.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Emily Nic a’ Ghobhainn agus Lauren McColl.