Tha an còmhlan Frangach Canèideanach, Le Vent Du Nord a’ cluich ceòl traidiseanta Quebecois agus tha buaidh mhòr aig ceòl à Èirinn agus Brittany orra. Tha an còmhlan air iomadach duais a bhuannachadh agus tha iad air nochdadh anns a’ phrìomh dheich air stèiseanan rèidio ann an Canada agus Breatainn.
www.leventdunord.com
www.myspace.com/leventdunord
An Agallamh...

A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Owen Sound, Ontario, Canada.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Àite craicte ach tha tòrr fealla-dhà ann!
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Flook agus a h-uile duine aig na seiseanan ciùil.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
The Ducks, The Mammals agus Crooked Stil.
