
’S e fidhlear agus seinneadair air leth a th’ ann an Lissa Schneckenburger a tha a’ toirt neart agus spionnadh chun an àrd-ùrlair, a’ cluich ceòl dannsa New England a tha a’ measgachadh buaidhean à Breatainn agus Quebec. Na caill i a’ cluich fuinn bhon chlàr as ùra aice ‘Song’.
www.lissa.fiddle.com
www.myspace.com/lissaschneckenburger
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Farpais fidheil aig an Common Ground Fair ann am Maine.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
A’ coinneachadh ri tòrr seann charaidean.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Tòrr de sheinneadairean agus fidhlearan. Tha an fheadhainn a th’ anns a’ chòmhlan còmhla rium an sàs ann am pròiseactan leithid Sweet Back Sisters, Nightingale agus Crooked Still.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Matt agus Shannon Heaton à Boston. Hanneka Cassel. Laura Cortese. McKassons à Seattle.
