
Tha Luka Bloom à Newbridge, a’ tighinn bho loidhne fhada de sheinneadairean agus de sgrìobhadairean, agus chaidh e air chuairt an toiseach còmhla ri bhràthair, Christy Moore an seinneadair folk ann an 1969. Mar sgrìobhaiche òrain agus seinneadair folk-rock Èireannach, tha Luka air a bhith air chuairt air feadh an t-saoghail le leithid na Dixie Chicks, Hot House flowers agus na Pogues.
www.lukabloom.com
www.myspace.com/lukabloom
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Feis folk ann an Thurs ann an 1972 aig seachd bliadhna a dh’ aois. Bha mi a’ cluich giotàr Archie Fisher aig an àm.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Na daoine.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Bidh mi ag obair còmhla ri tòrr dhaoine eadar-dhealaichte, tha cus ann ri ainmeachadh.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Karine Polwart agus Adele.
