
Bidh Magaidh NicAonghais a tha a’ tighinn bho loidhne fhada de sheinneadairean à Barraigh a’ seinn agus a’ cluich na clàrsaich agus tha i stèidhichte gu mòr anns an dualchas ciùil Ghàidhlig. Chaidh an clàradh mu dheireadh a rinn i a chur air adhart le fèis Celtic Connections agus tha e a’ comharrachadh na tha boireannaich tro na ginealaichean air a dhèanamh a thaobh òrain Ghàidhlig.
www.maggiemacinnes.com
www.myspace.com/maggiemacinnes
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Feis Folk ann an Thurso aig trì bliadhna deug a dh’ aois.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha an luchd-èisteachd cho blàth.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Brian McAlpine, Anna Massie, Marie Fielding agus Charlie McKerron.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Griogair Labhruidh agus Maeve NicFhionghain.