
’S ann à Nis ann an Ceann a Tuath Leòdhais a tha Mairi Nic a’ Ghobhainn agus ’s e seinneadair Gàidhlig traidiseanta a th’ innte a tha ainmeil gu h-eadar-nàiseanta. Bidh i a’ seinn aig fèisean ann an Alba, Èirinn agus iomadach àite eile. Tha i a’ seinn le doimhneachd tuigse air an dualchas Ghàidhlig.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
'S ann a' seinn aig Partickburgh Halls ann an Glaschu a bha mi airson airgead a thogail airson thalla Nis.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha Glaschu math oir gu bheil Gàidheil gu leòr ann agus tha tuigse aca air na h-òrain.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Lewis Women, John Spillane, Anna Murray, Calum Alex MacMillan agus na Blazin' Fiddles.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Face the West.
