Tha Mairi Anna NicUalraig ainmeil ann an saoghal a’ chiùil Albannaich. ’S e neach-ciùil, neach-craolaidh agus riochdaire ciùil a th’ innte. Air a togail le ceòl traidiseanta agus le trèanadh clasaigeach, tha i air a bhith ag obair còmhla ri tòrr luchd-ciùil thar nam bliadhnachan. Na caill i fhèin agus an fhidhlear Bruce Molsky air Horo Gheallaidh!
www.watercolourmusic.co.uk/MAK
www.myspace.com/maknaseoid
Tha Bruce Molsky air a bhith a’ rannsachadh ceòl traidiseanta bho taghadh mhath de chultaran airson cha mhòr fichead bliadhna. Tha buaidh aig ceòl Appalachian, Delta Blues agus ceòl Èireannach air Molksy. Tha iarrtas mhòr air mar neach-teagaisg fidheil agus banjo aig iomadach campa fidheil, a’ gabhail a-steach campa Valley of the Moon le Alasdair Friseil. Na caill Bruce a’ cluich còmhla ri Mairi Anna NicUalraig!
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
MAK Mod ann an Cille Brìghde an Ear ann an 1975.
BM Farpais fidheil aig an Galax Fiddle Convention ann an 1974.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
MAK Tha e mar gu bheil thu a' tilleadh dhachaigh.
BM Is caomh leam cho onarach ’s a tha na daoine.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
MAK Bruce Molsky agus na Seòid.
BM Alasdair Friseil agus Martin Hayes. Mozaic – Andy Irvine agus Donal Lunny. Rens Van der Zalm, Nikola Parov, Mairi Anna NicUalraig agus Annbjorg Lien.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
MAK Bodega agus Breabach.
BM Natalie Haas agus a piuthar Britney Haas. Julie Fowlis.

