
Tha na Old Blind Dogs, aon de na còmhlain Albannach a ’s fheàrr, a’ cluich ceòl traidiseanta, le buaidh roc, reggae agus ceòl an Ear Mheadhanaich. Tha an còmhlan air a bhith a’ dol air chuairt ann am Breatainn, na Stàitean Aonaichte, An Danmhairc agus a’ Ghearmailt.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Lorient ann an 1993. Chan eil e air atharrachadh, tha e fhathast cho cràicte ’s a bha e a-riamh agus tha an luchd-èisteachd gu math èasgaidh.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Club na fèise aig Celtic Connections. A’ coinneachadh ri seann charaidean agus bidh luchd-ciùil math a’ cluich còmhla.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Alyth NicCarmaig, Unusual Suspects agus tòrr luchd-ciùil eile.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Maeve NicFhionghain
