
Tha Ross Ainslie agus Jarlath MacEanraig mar phàirt de ghinealach ùr de phìobairean a tha a’ dèanamh rudan ùr agus a’ cruthachadh stoirm ann an saoghal a’ phìobairearachd. Chluich iad còmhla aig feis William Kennedy ann an 2003 agus tha iad a’ cluich aig iomadach feis aig an taigh agus thall thairis.
www.myspace.com/rossandjarlath
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Celtic Connections aig seachd bliadhna deug a dh’ aois leis a’ chòmhlan Clueless.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Celtic Connections! Bithear a’ cruthachadh còmhlain-ciùil an sin agus a’ coinneachadh ri daoine.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Jarlath, Salsa Celtic, India Alba and Ali Hutton.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Seumas MacCoinnich à Eilean Leòdhais. Còmhlan Pìoba Nàiseanta na h-Òigridh.