
'S e Russell’s House còmhlan a tha stèidhichte ann an Dun Èideann, le Simon Bradley, Sandy Wright, Russell Hunter agus Éamonn Coyne. Thàinig a’ chiad chlàr, Russell’s House a-mach ann an 1999.
An Agallamh...
A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Club na fèise aig Celtic Connections.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
’S e baile beothail a th’ ann. Tha sinn dèidheil air a’ bhiadh, agus na daoine càirdeil.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Tha sinn ag obair còmhla ri Kris Drever agus tha sinn an dòchas a bhith ag obair còmhla ri Eddi Reader agus Karen NicMhathain.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Crooked Still, Beoga agus na Flying Fiddles.