Bha Teddy Thompson, mac na seinneadairean folk rock Richard agus Linda Thompson air a chuairteachadh le ceòl bho aois glè òg. Tha an neach-ciùil tàlantach seo stèidhichte ann an New York agus tha e a’ dèanamh ainm dha fhèin le na h-òrain a tha e a’ sgrìobhadh agus na tàlantan a th’ aige a thaobh a bhith a’ cluich a’ ghiotàr. Tha an clàr mu dheireadh aige ‘A Piece of What You Need a’ faighinn lèirmheasan uabhasach math anns na pàipearan naidheachd.
www.teddythompson.com
www.myspace.com/teddythompsonmusic
An Agallamh...

A’ chiad fhèis aig an do chluich thu?
Fèis ann an Canada.
Dè tha còrdadh riut mu bhith a’ cluich ann an Glaschu?
Tha fuil Albannach annam. Tha e dìreach coltach ri bhith tighinn dhachaigh oir ’s ann à Glaschu a tha mo theaghlach.
Cò na seinneadairean/còmhlain leis am bi thu ag obair?
Rufus Wainright agus mo mhàthair Linda NicThòmais.
Cò air am bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail sùil anns an àm ri teachd?
Mo phiuthar, Kamilla NicThòmais.